SCDI
Welcome
SCDI
Scots Flag
Hosting Powered by Lumison
 
 

 

 

S e eagrachas leasachaidh eaconamaich a tha neo-eisimeileach is nì rudan a-rèir miann a bhallrachd a tha ann an Comhairle na h-Alba airson Leasachaidh is Gnìomhachais (CALG). Chaidh a stèidheachadh ann an 1931. Tha mun cuairt air 1200 ball a’ cur taic ris an-diugh thairis air roinnean seirbheise is saothrachaidh, oilthighean is colaistean, lìonraidhean an riaghaltais ionadail is ghnìomhachasan, comainn malairt is buidhnean proifeiseanta, buidhnean nan ealan, eaglaisean is aonaidhean ciùird ann an Alba. Mar eagrachas a tha gu tur neo-eisimeileach, bidh ballrachd CALG a’ feuchainn ri farpaiseachd eaconamach is soirbheachas seasmhach na h-Alba a neartachadh le bhith a’ toirt buaidh air poileasaidhean an Riaghaltais aig gach ìre (Alba, an RA, an t-Aonadh Eòrpach no air feadh an t-saoghail).

Tha eachdraidh bheartach aig CALG mar eagrachas air thùs ann an iomadh raon gnìomhachais. ’S e CALG a bha air thoiseach chàch ’s iad a’ tarraing calpa saothrachaidh o thall thairis gu Alba aig deireadh nan 1940an. Thòisich iad air iomairt a chum companaidhean nan Stàitean Aonaichte a tharraing a-null – rud nach do dh’fheuch dùthaich na Roinn Eòrpa ris a-riamh roimhe aig an am ud. Bha CALG mar mheadhan air na rudan a leanas cuideachd:

cruthachadh a’ chiad raon gnìomhachais ann an Alba
foillseachadh aithisgean sìolach air poileasaidh roinneil is leasachadh a’ gnìomhachais
agus, chan ann cho fada air ais, toirt a-steach ghnìomhachasan iomairt dha na bun- is àrd-sgoiltean.
Bha CALG ’na thùsaire ann an leasachadh ceanglaichean gnothachas eadar-nàiseanta na h-Alba ’s e a’ cur air bhonn prògraman de mhiseanan malairt a tha a’ dol cho fada air ais ris a’ bhliadhna 1960. Chuir iad air dòigh gu ìre bhig 350 misean malairt on am ud, gu barrachd air 50 margaid air feadh an t-saoghail agus barrachd air 5,000 daoine an sàs annta.

Bidh CALG an sàs cùisean air poileasaidhean poblach, rannsachadh eaconamach is fiosrachadh gnothachais. Bidh iad a’ co-òrdanachadh lìonra de 200 clubaichean einnseanairean òga gus brosnachadh a thoirt do dh’oileanaich òga aig a bhios ùidh ann an einnseanaireachd, saidheans is teicneolas. Bidh CALG ag eagrachadh prògram nach beag de thachartasan eadar co-labhairtean is dìnnearan suaicheanta agus cothroman neo-fhoirmeil gus lìonraidhean a stèidheachadh.